‘S i Beinn Nibheis a’ chiad bhùth spòrs a-muigh do bhoireannaich is a tha air a ruith is fo stiùir bhoireannaich.
Stèidhichte ann am prìomh àite do spòrs a-muigh, an Gearasdan, tha sinne a’ creidsinn ann an soirbheas do gach bhoireannach anns a’ bhlàr a-muigh.
Tha sinne ag aithneachadh gu bheil am margaid-spòrs a-muigh do bhoireannaich air a bhith a’ ruith air dheireadh.
Co-obraichidh sinn le diofar bhranndaichean gus àrainneachd eadar-mheasgaichte a chruthachadh le bhith a’ brosnachadh nan companaidhean an t-aodach bhoireannaich a bhios iad a’ cruthachadh a leudachadh.
Tha sinne ag amas air bùth a thogail far an urrainn dhut innealan theicnigeach do bhoireannaich a cheannach.
A’ togail air Cultar na Gàidhealtachd, tha sinne cuideachd ag obair air ar loidhne de dh’aodach theicnigeach a-muigh againn fhèin a chruthachadh gus boireannaich a bhrosnachadh a dhol an sàs sa bhlàr a-muigh.
Air a chur air bhonn le bana-Ghàidheal a dh’abraicheas na Gàidhlig, tha ar companaidh air a bogadh anns a’ chànan le dlùth-cheangal eadar an cànan agus an tìr.
Thàinig an t-ainm son chompanaidh (Beinn Nibheis) bhon fhacal Bean-Nibheis bho thùs. Ach a-nis tha e stèidhichte air a’ bheinn ionadail gu Loch Abair ach air a litreachadh gu ceart. Tha iomaigh ar n-iomairt a
iomaigh ar n-iomairt a tighinn bho sàr bhoireannaich co-cheangailte ri sreap sa sgìre mar Nan Shepherd, Myrtle Simpson agus Jane Inglis Clark.
Tha a’ bhùth cuideachd fo stiùir bana-LGDT+ agus bidh sinn ag uisneachadh an fhacail boireannaich gus a bhith a’ gabhail a-steach muinntir LGDCT+.